Fàilte
Tha Bòrd na Gàidhlig ag obair chum maith na Gàidhlig, agus tha sinn a' dèanamh ar dìchill ann an co-bhuinn ri Riaghaltas na h-Alba, muinntir na h-Alba agus na buidhnean Gàidhlig gus piseach a thoirt air còr a' chànain. Tha e mar phrìomhachas do Bhòrd na Gàidhlig an àireamh luchd-labhairt is luchd-cleachdaidh na Gàidhlig a mheudachadh, agus gum bi meas is miadh air a' Ghàidhlig 's a cultair air feadh Alba.

Am Bòrd
Mar bhuidheann phoblach neo-roinneil (NDPB), tha Bòrd na Gàidhlig air a mhaoineachadh le Ministearan na h-Alba, agus cunntachail dhaibh. Tha am Bòrd ag obair gu dlùth ris an Riaghaltais, buidhnean poblach agus buidhnean cudromach eile, buidhnean Gàidhlig agus buidhnean coimhearsnachd nam measg, gus cleachdadh na Gàidhlig agus tuigse air a' Ghàidhlig a leudachadh, agus gun cleachdar an t-iomhas poblach ann an dòigh a tha èifeachdach is iomchaidh agus gum faighear luach às an airgead sin.

A' Ghàidhlig
'S i a' Ghàidhlig aon de na cànanan nàiseanta ann an Alba agus 's e cànan Ceilteach a th' innte aig a bheil eachdraidh fhada san dùthaich seo, a' dol air ais gu co-dhiù an 6mh linn. Tha na h-ainmean-àite Gàidhlig air feadh Alba a' sealltainn cho fada 's a sgaoil na Gàidheil agus an cànan san àm a dh'fhalbh.

Foghlam Gàidhlig
'S e prìomhachas a th' ann am Foghlam Gàidhlig do Bhòrd na Gàidhlig agus 's e aonan de na dleastanasan aig Bòrd na Gàidhlig comhairle a thoirt do Mhinistearan na h-Alba agus do dhaoine eile mu Fhoghlam Gàidhlig. Tha e mar dhleastanas air Bòrd na Gàidhlig Ro-innleachd Nàiseanta do dh'Fhoghlam Gàidhlig ullachadh.

Maoineachadh
Tha Bòrd na Gàidhlig a' faighinn tabhartas-taice bho Riaghaltas na h-Alba gach bliadhna ionmhais gus na h-amasan is dleastanasan aige a choileanadh. 'S ann tro bhith a' maoineachadh obair nam prìomh bhuidhnean Gàidhlig agus cunnradairean aontaichte eile a tha am Bòrd a' coileanadh a' mhòr-chuid den obair ris a bheil e an urra. Ge-tà, uaireannan bidh am Bòrd a' toirt cùmhnant do dhaoine is bhuidhnean iomchaidh gus obair ro-innleachdail shònraichte a dhèanamh, agus bidh am Bòrd a' maoineachadh iomairtean ann an com-pàirteachas le buidhnean eile.

Stiùireadh
'S e aon de phrìomh dhleastanasan Bhòrd na Gàidhlig stiùireadh is comhairle a thoirt seachad. Tha am Bòrd a’ toirt stiùireadh do bhuidhnean, agus gu sònraichte buidhnean poblach, mun Ghàidhlig agus mu fhoghlam Gàidhlig. Tha am Bòrd a’ toirt seachad stiùireadh is comhairle do bhuidhnean poblach mu phlanaichean Gàidhlig agus tha iad a’ moladh sheòl matha gus planaichean a chur an gnìomh. Tha am Bòrd cuideachd a’ toirt comhairle do bhuidhnean, nach eil a’ tighinn fo ùghdarras na h-Achd, mu na planaichean Gàidhlig aca. 'S ann air leth cudromach a tha dealbhadh agus margaideachd ann an saoghal an latha an-diugh agus tha Bòrd na Gàidhlig a’ toirt comhairle mu agus a’ cur cudrom air càileachd san roinn seo.

Naidheachdan
Tha grunn phàipearan-naidheachd agus bhuidhnean eile sna meadhanan a tha a' sgaoileadh naidheachdan sa Ghàidhlig, agus glè thric nochdaidh sgeulachdan mun Ghàidhlig agus mion-chànanan eile sna naidheachdan air feadh an t-saoghail. Ma tha naidheachd agaibh mun Ghàidhlig, tha ceanglaichean againn ris na prìomh mheadhanan Gàidhlig. Agus mas e 's gun fhuair sibh taic bho Bhòrd na Gàidhlig agus gu bheil sibh ag iarraidh beagan follaiseachd air a’ phròiseact agaibh, 's ma dh’fhaodte gun urrainn dhan Bhòrd ur cuideachadh.